An òigridh |
|
Tha prògram LEADER+ fosgailte do gach neach agus bhithear an dòchas uiread ’s a ghabhar a thoirt a-steach air a’ phrògram seo. Ged-tà, bidh a’ phrògram ag amas air taic a thoirt don òigridh agus do bhoireannaich. Bheir e prìomhachas agus misneachd dhaibh na h-amasan aca fhèin a choilionadh, a’ toirt cothrom dhaibh compàirteachas nas motha a bhith aca anns na buidhnean agus anns na coimhearsnachdan anns a bheil iad an sàs. Bidh e riatanach thairis air an ùine a tha romhainn gum bi na h-Eileanan an Iar, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse a’ glèidheadh barrachd dhan òigridh na thathas gu ruige seo agus cuideachd gum bi iad a’ tàladh cuid den fheadhainn a th’ air falbh air ais. Bidh e cuideachd riatanach a bhith a’ brosnachadh an òigridh ann a bhith a’ gabhail barrachd ùidh ann am buidhnean coimhearsnachd, gu h-àraidh sgìrean a th’ air an iomall. Bidh a’ Bhuidheann Gnìomh Ionadail gu math toilichte coimhead ri pròiseactan a bhios gu h-àraidh a’ bualadh air na cuspairean a leanas:
Bhiodh a’ Bhuidheann Gnìomh Ionadail gu math toilichte cluinntinn bhon òigridh a thaobh phròiseactan. Ma tha beachdan agaibh air nithean a tha a’ buntainn ris an òigridh no ma tha pròiseact agaibh san amhairc, cuiribh fios thugainn. |