Dè th’ ann an LEADER+
LEADER+ anns an Aonadh Eòrpach
LEADER+ ann an Alba
LEADER+ anns na h-Eileanan an Iar, An Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse
Ciamar a tha LEADER+ ag obrachadh?

NEWSLETTER+
Download the latest news here!



Boireannaich

Tha cnapan-starraidh air an cur ro bhoireannaich anns na h-Eileanan an Iar, An Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse.  Nam measg tha an dòigh-smaoineachaidh ann a thaobh an ‘àite’ tradiseanta a th’ air a bhith aig boireannaich agus cuideachd duilgheadasan a th’ ann a thaobh cùram chloinne agus coimhead as dèidh luchd-dàimh.  Tha duilgheadasan eile ann a thaobh goireasan siubhail, gu h-àraidh clàr-ama nam busaichean.  Gu math tric tha iad sin air an cur air dòigh ri linn uairean obrach àbhaisteach agus ’s e bhuil a th’ aig an seo gu bheil bacadh air a chuir air boireannaich ann an coimhearsnachdan iomallach, bho chosnadh agus tachartasan sa choimhearsnachd. Tha na trioblaidean sin bunaiteach a thaobh bhoireannaich a bhith a’ faighinn trèanadh às ùr agus a’ tilleadh air ais a dh’obair.

Bidh a’ Bhuidheann Gnìomh Ionadail gu math toilichte beachdachadh air pròiseactan bho bhoireannaich a dh’fheuchas ri fuasgladh fhaighinn air na leanas:

  • Cion chothroman obrach
  • Ìomhaigh Às-dùnaidh Soisealta agus cruinn-eòlas
  • Obraichean pàirt-ùine agus obraichean samhraidh, agus le pàigheadh iosal
  • Leasachadh a dhèanamh air poileasaidhean agus prògraman a bhiodh gu feum do fheadhainn le teaghlaichean

Bhiodh a’ Bhuidheann Gnìomh Ionadail toilichte cluinntinn bho bhoireannaich no bho bhuidhnean do bhoireannaich. Ma tha beachdan agaibh a thaobh nithean a tha a’ buntainn ri boireannaich / no cuspairean eile a thaobh bhoireannaich no ma tha pròiseact agaibh san amhairc, cuiribh fios thugainn.

Click for a map of the WISL coverage area
Site design by Gael.net Ltd. Powered by SiteKit, the leading UK web content management system