Dè th’ ann an LEADER+
LEADER+ anns an Aonadh Eòrpach
LEADER+ ann an Alba
LEADER+ anns na h-Eileanan an Iar, An Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse
Ciamar a tha LEADER+ ag obrachadh?

NEWSLETTER+
Download the latest news here!



Tha iomadh coimhearsnachd iomallach aig tuath anns a bheil duilgheadasan socialta agus far a bheil na gnothaichean sin a’ bualladh gu sònraichte air boireannaich. Sa bhitheantas, tha an t-aonranachd seo a’ cruthachadh dhuilgheadasan eile, leithid cin fèin-mhiadh, eòlas agus fèin-mhisneachd agus, anns an uine fhada, tha e a’ cuir bacadh air  na coimhearsnachdan sin tighinn air adhart.
Ann an Uibhist ‘s Barraigh, tha pròiseact ùr air a bhi a’ feuchainn ri faighinn seachad air na ceistean sin agus, ann am beagan ‘s bliadhna, tha toradh na h-obrach drùidhteach.
Le cuideachadh bho LEADER+, chaidh Connect a stèidheachadh airson cothrom a thoirt do bhoireannaich anns na h-eileanan a deas coinneachadh agus obrachadh comhla. “Tha sinn air caochladh ghnìomhan a dhèanadh a’ dèileigeadh ri cuspairean  eadar-dhealaichte  agus tha iad sin air a bhi ann an diofair cheàrnaidhean dhe na h-eileanan”, thuirt co-òrdanaiche Connect, Laura Donkers. B’iad na boireannaich fhèin a thagh na cuspairean a bh’againn, agus na h-àiteachain dhan d’rachamaid, an dèidh dhuinn cèisteachain a chuir air doigh. Mar sin, chuireadh coluadairean air bhonn air cuspairean leithid peinnseannan, suidheachadh, dannsa agus biadh. Dh’fhoghlamaich sinn gur e daoine bhon a’ sgìre fhèin ‘s fheàrr mar thutoran  seach gu bheil eòlas aca air cùisean ionadail. Tha a bhi a’ brosnachadh bhoireannaich gus creidsinn gu bheil na sgilean, agus an t-eòlas, aca fhèin na rudan sin a cho-lionadh mar phàirt chudthromach de dh’obair Connect”.

Connect Logo

Sa bhìtheantas, tha na gnìomhan aig Connect a’ tàladh eadar 15 agus 20 agus, thairis air a’ bhliadhna a chaidh seachad, tha còrr ‘s 200 boireannach air am frithealadh uile gu lèir ann an Uibhist ‘s Barraigh, agus air buannachd fhaighinn bhuapa.  Chan ann a-mhàin airson a bhi brosnaicheil, fiosrachail agus ion-fheuma a tha clàran Connect ach, le greim-bìdh a bhi ann gach turas, tha adhbhar math socialta aca cuideachd.
Tha Laura fìor thoilichte le mar a tha daoine air gabhail ri Connect. “ Tha a soirbheachadh leinn air leth math ach se’n rud ‘s fheàrr gu bheil e air còrdadh ri boireannaich Uibhist ‘s Bharraigh agus gu bheil gach tachartas a’ tàladh fheadhainn as ùr, an àite an aon fheadhainn a bhi a’ siubhal fad na h-ùine”.
Tha ‘boireannaich’ air fear dhe na buidheannan air a bheil LEADER+ ag amas gu sònraichte agus, leis a sin, tha e a’ tighinn a-rèir amasan Phròiseact Connect. Mar sin, chaidh aig Connect air còrr ‘s ochd deug mile not fhaighinn dhen a’ choig thar fhichead mìle a chosgas e uile gu lèir, thairis air an dà bhliadhna a bhitheas a’ phròiseact a’ ruith.

Music Workshop

A-measg na rudan a th’aig Connect san amharc airson an dara bliadhna tha cuairt gu na h-Innseachan a thadhal air dachaigh dhilleachdain a tha a’ faighinn taic bho Love and Share Uist, carthannas ionadail.  A bharrachd air a seo, theid am buidheann sin, nam measg, Barabal NicDhòmhnuill, manaidseir Cothrom, agus Angela Monk, te-riaghlaidh Wholefoods Co-op, a choimhead air pròiseact litireachd a th’air a stèidheachadh a dh’aon ghnothaich airson boireannaich nas sinne air an tuath a tha ag iarraidh an caitheamh-beatha, agus an teaghlaichean, adhartachadh le iad fhèin a bhi a’ fas litir-fhoghlaimte. Gheibh iad cuideachd boillsgeadh air mar a tha ‘fair-trading’ ag obrachadh le a bhi a’ tadhal tuathanachas beag agus margadh ionadail. Bi Connect a riochdachadh fiolm goirid airson àite bhoireannaich Innseannach air an tuath  shoillseachadh, do bhrigh na coltasan a th’ann le suidheachadh bhoireanach nan eilean, fhoillseachadh. Bi am fiolm seo mar phàirt de thaisbeanadh beag a shiubhlas troimh na h-eileanan mu dheas troimh 2006, agus troimh eileanan eile mar a theid iarraidh.

Posture Workshop
Click for a map of the WISL coverage area
Site design by Gael.net Ltd. Powered by SiteKit, the leading UK web content management system