Eisimpleirean Obrach |
|
Ionad Saor-thoileach na h-Eileanan an Iar – Pròiseact airson Òganaich saor-thoileach Tha Ionad Saor-thoileach na h-Eileanan an Iar (ISEI) na cathrannas beag ionadail a bhios a’ misneachadh, a’ toirt taic agus a’ brosnachadh an roinn saor-thoileach. Chuireadh air chois e mar aon de cheithir deuchainnean air an tuath ann an Alba san Fhaoilleach 1995. Leudaich e air feadh na h-Eileanan an Iar agus tha seachdnar luchd-obrach pàirt thìde ag obair ann an oifisean ann an Steòrnabhagh, an Tairbeart, Nis, Baile a’ Mhanaich agus Bàgh a’ Chaisteil. Tha a’ bhuidheann air a’ ruith le comataidh de dhaoine a tha gu mòr an sàs ann an obair choimhearsnachd bho air feadh na h-eileanan agus thathas an-dràsta an lùib sgoiltean, foghlam coimhearsnachd, obair shoisealta agus iomadh buidheann coimhearsnachd eile. Tron cuid obrach thàinig e am follais gun robh feum air diofar seòrsachan daoine a thoirt a-steach air obair saor-thoileach agus mar phàirt dhen seo chuir iad air dòigh pròiseact sònraichte a thàladh barrachd dhan òigridh a-steach. Airson seo a thoirt gu buil, dh’fheumadh luchd-obrach san Ionad Saor-thoileach sa chiad àite barrachd eòlais a chuir air na buidhnean sna sgìrean gus feuchainn ri toirt air an òigridh a dhol a-steach airson na h-obrach seo. A thuilleadh air an seo dh’fheumte rannsachadh na feumalachdan a bh’ aig an òigridh gus obrachadh gu saor-thoileach ann an suidheachadh ionadail. Gus seo a choilionadh cleachdar stòrdata nàiseanta nan saor-thoileach, agus nìthear ùrachadh air an fhiosrachadh a th’ aca mu na buidhnean. ’S e th’ anns an amhairc aca faighinn faisg air an òigridh, buidheann nach eil pailt ann an obair saor-thoileach agus iad sin a thàladh thuice. Thathas den bheachd gum bi an fhiosrachadh bhon òigridh feumail ann a bhith a’ gabhail ceumannan ùra. Tha a’ phròiseact seo air taic fhaighinn bho Leader+ agus Iomairt nan Eilean Siar gus cuideachadh a thoirt dhaibh leis a’ chiad dà bhliadhna dhan phìleat agus bithtear a’ coimhead ri daoine òga a thoirt a-steach air an seo tro na buidhnean coimhearsnachd a th’ ann mu thràth. Bithear gam brosnachadh cuideachd le teicneolasan ùra agus a dhèanamh nas fhasa dhaibh toiseachadh anns na buidhnean a tha a’ dol an-dràsta. Thuirt Co-òrdanaiche an Ionaid, Ciorstaidh NicDhòmhnaill, “Tha sinn air ar dòigh gu bheil cothrom againn barrachd a dhèanamh leis an òigridh gus an tàladh gu obair saor-thoileach. ’S e ceum mòr a th’ ann, a thaobh an obair a dhèanamh nas fhosgailte do dhaoine, gu bheil làrach-lìn againn dhuinn fhèin agus goireas air-loidhne an cois an stòr-data. Tha a’ phròiseact a’ sealltainn dòigh smaoineachaidh ùr ann an dàimh ri daoine òga agus mar a ghabhas an cuid sgìlean agus comasan a chuir an sàs. Tha e adhartach leis gu bheil teicneolas ùr air a chleachdadh gus ùidh a chruthachadh anns an obair seo. Thathas ag oidhirpeachadh air a’ choimhearsnachd a’ neartachadh le bhith a’ toirt a-steach an òigridh cho tràth ’s a ghabhas.” |