Fàilte |
|
Fàilte gu làrach-lìn Bhuidheann Gnìomh Ionadail LEADER+ nan Eilean Siar, An Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse. Tha a’ Bhuidheann Gnìomh Ionadail a’ gabhail uallach airson a’ phrògram Eòrpach LEADER+ a’ ruith anns na h-Eileanan an Iar, An Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse. Bidh buidsead de £600,000 aig LEADER+ airson gach bliadhna eadar 2003 agus 2006. Chaidh a’ bhuidheann a’ stèidheachadh ann an 2001, as dèidh dha fàs bhon bhuidheann gnìomh a bh’ aig an Sgeama ron seo, LEADER II. ’S e compàirteachas a tha seo eadar na roinnean poblach agus prìbheideach an dà chuid anns na h-Eileanan an Iar agus anns An Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse. Tha e a’ toirt còmhla riochdairean bho na h-ughdarrasan ionadail, buidhnean leasachaidh a tha an sàs ann an eacomaidh, cànain agus àrainneachd agus cuideachd riochdairean bhon roinn saor-thoileach, an òigridh agus boireannaich. |
|
|
|
|
|
|