Ciamar a tha LEADER+ ag obrachadh? |
GnìomhanBheir Prògram LEADER+ taic do thrì dhiofar raointean ris an canar ‘Gnìomhan’, a tha air an comharrachadh leis an Aonadh Eòrpach. Tha iad seo mar a leanas: Gnìomh 1: Pròiseactan leasachaidh a tha àmalaichte agus ùr. Cuidichidh an gnìomh buidhnean ionadail gus pròiseactan agus planaichean leasachaidh, ùr-ghnàthaichte, leantainneach a chur an àite. Gnìomh 2: Co-obrachadh eadar sgìrean dùthchail. Tha e mar fhiachaibh air Buidhnean LEADER+ obrachadh còmhla ri buidhnean eile ann am Breatainn, anns an Aonadh Eòrpach no ann an dùthchannan eile, le bhith a’ tarraing sgìlean agus goireasan ri chèile gus na h-amasan anns na planaichean leasachaidh fa-leth a choilionadh. Gnìomh 3: Lìonraidhean. Tha gach buidheann LEADER+ a’ sgaoileadh an cuid bheachdan agus dòighean obrach mhath tro lìonraidh nàiseanta LEADER+. Tha na prìomh chuspairean, a tha a’ Bhuidheann Gnìomh Ionadail airson adhartachadh tro na gnìomhan air an cuir sìos ann am Plana Gnìomhachais LEADER+ anns na h-Eileanan an Iar, An Eilean Sgitheanach is Loch Aillse. |
A’ toirt pròiseact air adhartTha luchd-obrach fa-leth aig LEADER+ gus coimhearsnachdan a chuideachadh ann a bhith a’ gluasad pròiseactan. Innsidh an t-Oifigear Pròiseict san sgìre agaibh a bheil am pròiseact agaibh airidh air taic agus, ma tha, dè am fiosrachadh eile a tha dhìth. Thèid pròiseactan freagarrach air adhart chun Bhuidheann Gnìomh Ionadail oir ’s iad sin an fheadhainn a tha ag aontachadh pròiseactan LEADER+. Ma-thà beachdan agaibh air pròiseact a bhiodh freagarrach, cuiribh fios chun Oifigear Proiseact sgìreil agaibh. Tha na h-oifigearan pròiseict stèidhte ann an toglaichean nam Buidhnean Iomairt san dà sgìre. Iomairt nan Eilean Siar, Ceàrnag Sheumais, 9 Sràid Sheumais, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, HS1 2QN Iomairt an Eilein Sgitheanaich ’s Loch Aillse, Taigh a’ Rìgh, Portrìgh, An t-Eilean Sgitheanach, IV51 9BS No ma thathar ag iarraidh ’s urrainn dhuibh bileag LEADER+ a lìonadh a-steach air an làrach-lìn.
|