Dè th’ ann an LEADER+
LEADER+ anns an Aonadh Eòrpach
LEADER+ ann an Alba
LEADER+ anns na h-Eileanan an Iar, An Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse
Ciamar a tha LEADER+ ag obrachadh?

NEWSLETTER+
Download the latest news here!



LEADER+ anns an Aonadh Eòrpach

Air 14 Giblean 2000 dh’aontaich a’ Choimisean ris na pàipearan-stiùiridh a chaidh air beulaibh Staitean nam Ball gus Iomairt Coimhearsnachd airson leasachadh dùthchail, LEADER+, a chur air chois.  B’ e seo aon a-mach às na ceithir Iomairtean Coimhearsnachd a chaidh a stèidheachadh bhon Mhaoin Structarail airson nam bliadhnaichean 2000-2006.

Gheibh na ceithir Iomairtean airgead suas ri 5.35% dhen Mhaoin Structarail eadar 2000 agus 2006.  Gu h-iomlan gheibh LEADER+ EUR2020 mìllean bhon Choimhearsnachd,  tro Roinn Stiùiridh EAGGF.

Mar a thuigear bho ainm, tha prògram LEADER+ a’ gabhail a-staigh barrachd na bha na prògraman LEADER a bh’ ann roimhe.  Tha e nas adhartaiche agus bidh e ag amas air taic agus brosnachadh a thoirt do ro-innleachdan airson leasachadh sgìrean dùthchail.
Bidh e a’ cur tòrr cudthrom air co-obrachadh agus lìonraidhean eadar sgìrean dùthchail.  Ann am prionnsabal, tha a h-uile sgìre san Aonadh Eòrpach freagarrach airson taic-airgid fhaighinn bho LEADER+.

Downloads
Click here to download the acrobat PDF reader | LEADER+ Guidelines (PDF 65.8 KB) 
Ùine a bheir e leigeil sìos 0m 19s 28 Kbps Ùine a bheir e leigeil sìos 0m 10s 56 Kbps Ùine a bheir e leigeil sìos 0m 4s 128 Kbps Ùine a bheir e leigeil sìos 0m 1s 512 Kbps

You may need an Acrobat reader to read some of the PDF files above, click here to download the reader from Adobe
Click for a map of the WISL coverage area
Site design by Gael.net Ltd. Powered by SiteKit, the leading UK web content management system