LEADER+ anns na h-Eileanan an Iar, An Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse |
Buidheann Gnìomh IonadailTha program LEADER+ anns na h-Eileanan an Iar, An Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse air a’ stiùireadh ann an compàirteachas le “Buidheann Gnìomh Ionadail” le riochdairean bhon na buidhnean a leanas:
|
Cuspair IonadailBidh cuspair sònraichte aig gach prògram. Seo cuspair nan Eilean Siar, An Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse: "A bhith a’ cleachdadh gnothaichean ùra agus teicneòlasan ùra gus na bathairean agus seirbhisean anns na sgìrean dùthchail a dhèanamh nas làidire ann a bhith a’ farpais." ’S e cuspair gu math farsaing a tha seo a tha a’ toirt cothrom do na coimhearsnachdan tighinn air adhart le pròiseactan a bhiodh na bhuannachd don sgìre aca fhèin. Bu chòir do na pròiseactan a bhith a’ fighe a-steach don chuspair gu h-àrd. Bu chòir do na pròiseactan a bhith ùr-ghnàthach agus comasach air a bhith air an gluasad gu sgìrean eile. ’S urrainn do LEADER+ taic-airgid suas ri 50% a thoirt do phròiseact. |